Gaelic

Is e Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (OSPA) an ìre mu dheireadh mu ghearanan mu eagrachaidhean a bheir seachad seirbheisean poblach ann an Alba.

Bidh sinn a' gabhail gnothaich ri gearanan mu chomhairlean, mu Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte, mu chomainn-thaigheadais, mu Riaghaltas na h-Alba agus mu na buidhnean-gnìomha is na roinnean aige, mu cholaistean is oiltghighean agus mun chuid as motha de bhuidhnean poblach na h-Alba.
Mar as trice, cha bhi sinn a’ gabhail beachd air gearanan ach an dèidh dhaibh dol tro mhodh-obrachaidh ghearan foirmeil an eagrachaidh a th’ ann.Faodaidh sibh gearan a chur thugainn an uair sinn le bhith a’ tadhal air an oifis againn, a’ fònadh, a’ cur teacsa no a’ sgrìobhadh thugainn. 
 
Tha an t-seirbheis againn neo-eisimeileach, gun chlaonadh agus an-asgaidh.
 
Tha a’ bhileag-fhiosrachaidh air an duilleig seo a’ toirt seachad barrachd fiosrachaidh a thaobh ciamar a nì sibh gearan mu sheirbheis phoblach. Mas e, an dèìdh dhuibh am modh-obrachaidh slàn fheuchainn, gu bheil sibh fhathast mì-riaraichte, faodaidh sibh fios a chur gu OSPA agus bheir sinn sùil air a' ghearan agaibh. Tha cothrom againn air seirbheisean eadar-mhìneachaidh sa bhad agus faodaidh sinn eadar-theangachadh a chur air dòigh cuideachd ma bhios a leithid a dhìth.